Mojim 歌詞
Mojim 歌詞 > 欧州米国の歌手 > Capercaillie > At The Heart Of It All > Abu Chuibhl'

Capercaillie



歌詞
アルバムリスト

Capercaillie

Abu Chuibhl'

Abu chuibhl', abu chuibhl'
Abu, abu chuibhl' i.

Rud nach fhaca duin' air thalamh,
Rud nach fhaca duin' a-riamh,
Rud nach fhaca duin' air thalamh,
Samhail osain an Taoibh Siar.

Ò chan fhaca duin' air thalamh,
Ò chan fhaca duine beò,
Ò chan fhaca duin' air thalamh,
Maraichean an Achadh Mòr.

Ach cuin thig mo rùn-sa dhachaigh?
Cuin a gheallas e dhomh gùn?
Cuin a thig mo rùn-sa dhachaigh?
Balach spaideil a bh' ann an Ùig?
もっと沢山の歌詞は ※ Mojim.com

Ò cha tèid mi fhin a Ghlaschu,
Ò cha tèid mi fhìn gu bràth,
Ò cha tèid mi fhìn a Ghlaschu,
Leam bu ghasta Ceann a' Bhàigh.

Siud far 'eil na balaich mhaiseach,
Siud far 'eil na gaisgich threun,
Siud far 'eil na balaich mhaiseach,
An Sanndabhaigh 's an Cùl ri Grèin.

Ach cha ghabh mi fhìn na fearaibh,
Ò cha ghabh mi duine chàch;
Is mo leannan fhìn aig baile,
Fear à Pabail 's às an Àird.