Mojim Lyrics
Mojim Lyrics > Americas singers > Karen Matheson > Urram > Chuir iad an t-suil a Pilot ban

Karen Matheson



Lyrics
Album list
Singer Intro

Karen Matheson

Chuir iad an t-suil a Pilot ban

Chuir iad an t-sùil à Pilot bàn,
Chuir iad an t-sùil à Pilot ;
Chuir iad an t-sùil à Pilot bochd,
'S gun fhios ciod an lochd a rinn e.

Dìol mo chuid mulan aig mucan a' chùbair,
Chuir iad 'n .an smùid an raoir iad
'S beag a bha fhios a'm gu'n robh iad 's an dùthaich
Fhad 's a bha 'n t-sùil am Pilot.

Ghleidheadh e dhomhsa 'n gàradh-càil,
Gu là bho'n chromadh an duibhire
Policeman riamh cha robh aig na Goill
Cho math ris air faireadh na h-oidhche.

Ged thèìd mi do m' leaba cha'n fhaigh mi loc cadail,
Find more lyrics at ※ Mojim.com
Le balaich a' bhaile 's an oidhche;
Ach dh'fhaodadh na suirichean fuireach aig baile,
Mur dalladh a' chaile mo Philot.

Saoil sibh fhèine nach bu neo-bhanail,
Am buill thug a' chaile le foill dha
Gur mairg gill' òg 'g an leannan a' bhèisd,
Bho'n chuir i bho fheum mo Philot.

Chuir mi petition a dh'ionnsaidh na ban-righ'nn,
a dh' innseadh mar thachair do m'Pilot.
Thuirt i gu'n cuireadh i gini 'am dhorn
a chuireadh suil oir 'am Pilot.